Tha Dath nan sùilean 'na comharradh iomabhunach agus 's e suidhichte leis a' mheud agus seòrsa nan dathan gur làthaireil 'san sùil. Tha mòran chlaonaidhean anns na dathan nan sùilean aig daoine daonna.
Dathan
Sùilean donna
Tha sùilean ciara aig a' chuid as motha an t-sluaigh an t-saoghail, le raon bho donn ri gu bhith dubh. Tha cuideachd làthaireil ann am mòran dhaoine sùilean bàn-dhonn, ach ri ìre nas lugha. Tha sùilean donna aig a' chuid as motha nan luchd-àiteachaidh tùsail na h-
Afraga, na h-
Aisia, agus na h-
Ameireaga. Tha sùilean donna cuideachd air lorgadh 'san
Roinn-Eòrpa,
Mhòr-chuanahd, agus
Ameireaga mu Thuath, gead chan eil iad buadhach iad ris an ìre cheudna anns na sluaghan an Roinn-Eòrpa. Am measg na muinntire na Roinne-Eòrpa, tha comannaichte gu tric le
gruag chiar agus leis an
dath an craicinn dhaonna sùilean donna, ach 's urrainn do sùilean gorma, uaine, no liatha aig daoine donn/dubh a bhith.
Sùilean dubha
Faodaidh sùilean dubha aig daoine le sùilean glè chiar air a bhith nochdadh. Seo glè chumanta ann an daoine le sinnsearachd
Afraganach,
Aisianach, no
Ameireagach Dùthchasach.
Sùilean nan coill
Tha "coll" mar as trice air chleachdadh a thoirt dealbh air sùilean le bunabhasan de sùilean uaine agus sùilean donna, air uairibh a' dol bho uaine air an iomall ri donn aig a' chlach na sùla. Cha bu chòir do seo am breislich a bhith le cearcallan-na-sùla gun nochd fàinne donn, buidhe, no umhach mun cuairt na cloiche na sùla, mar a' chlach na sùla air nochdadh fodha.
Sùilean gorma
Am measg nan coltasan daonna, tha sùilean gorma nas ainneimhe agus cuingichte ris
An Roinn-Eòrpa mar as trice. Tha iad air lorgadh gu sònraichte ann an sluaghan nan sinnsearachdan
Eòrpach mu Thuath agus
Eòrpach an Ear, agus ri ìre nas lugha, ann an sluaghan na
Roinne-Eòrpa mu Dheas, tan
Ear Mheadhanach,
Afraga mu Thuath agus
Aisia Mheadhanach.
Faodaidh sùilean gorma aig Aisianaich mu Dheas a bhith, ach chan cumanta seo, ged 's e nas cumainte am measg nam Pathanaich agus Pairsisich sa' Phakistan, Gujarat, Rajasthan, in Kashmir agus Punjab. Tha an ceudad as àirde nan daoine le sùilean gorma aig Suòmaidh. Tha air a bhreith le sùilean gorma mòran leanaban Caucasach, ged fàsaidh an sùilean nas duirche no atharraichidh an dath. Tha suidhichte an dath nan sùilean leanabain a-staigh ann anm beagan de làithean ri beagan de seachdainnean, ged mairidh an dath nan sùilean de roinn nan daoine a dh'atharrachadh air àireamh de bliadhnaichean.
Sa' mheadhan na linne 20mh an dèidh an tòiseachadh nam filmean an datha, bha sùilean gorma air chreidsinn a bhith glè mhiadhail airson ag iarraidh a bhith cleasaicean de Hollywood. Dh'fhàs seo nas lugha na fìor a dh'ionnsaigh an leth deireannach na linne sin.
'S e malairt (tric nas soilleire) nan sùilean gorma a th'anns na sùilean liatha. Tha beò iolar leathann nan dathan liatha, bho gu bhith geal (bàan-liath) ri dorcha.
Tha air fhaicinn gu cumanta mun cuairt na cloiche na sùla fàinne bhuidhe, bhuidhe-shoilleir, no umhach.
Tha sùilean uaine nas ainneimhe na sùilean donna, gorma, is liatha, agus tha iad air lorgadh as trice ann an daoine nan sinnsearachdan
Ceilteach,
Gearmailteach, agus
Slòbhach. Tha an ceudad as àirde nan sùilean uaine na sluagh sam bith aig
Ungairich, dlùth ri 20%.
Ann am beathaichean (a' gabhail a-staigh daoine daonna) a tha
an gealachd aig, faodaidh na cearcallan-nan-sùilean dearg nochdadh do bhrìgh de dìth nan dathan — gabhaidh an cearcall-na-sùla an dath na
fala. Bheir buaidh air na dathan nan sùilean na ginean cumanta dhan ghealachd, agus th' ann tuilleadh ginean ionadaile an datha cuideachd, mar
gealachd na sùla.
Nochdaidh gu cumanta an buaidh na sùla dheirg ann an dealbhan-camara air ghabhail le boillsgeadh, gu h-àraidh le daoine le sùilean soilleire.
Seallaibh cuideachd
Ceanglaichean a-mach
Sùil | Fiamh daonna
Augenfarbe | Eye color | Color de ojos | رنگ چشم | Kolor oczu | Ögonfärg